Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh arm fhéin Hí rí hoireann o, hi ri hoireann o Tha de mhingin air m'aire ní nach aidich mo bheul Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o M'an áganach ghasda úr mharcach nan steud M'an taca seo 'n uiridh bu thoil leat m' fhuran ro cheud Cha mhó ort mi'n bliadhna na eunlaith nan speur Chan inns mi dha m' phiuthair meud mo chumh as do dhéidh Na dha m' mathair a rug mi chuir mi cudthron 'na ceum Tha sac trom air mo chridhe nach tog fídheal nan teud Ach a Mhairead nan cuiread 's dán a chuir tha arm breug Thilg thu arm-sa mar aileis nach b'uilear dhomh 'm bréid Gu robh leanabh am pasgadh fo asna mo chéibh Cuim nach innseadh tu'n fhírinn mar a dh'innsinn ort fhéin Ann an láthair mo thigearn far am bithinn 's tu réidh Thilg thu arm-sa mar dhearrais gu robh m'athair an éis Cha b'ionnan dha m'athair 's dha d' athair-sa fhéin Cha b'ionnan dha'n taighean 'n ám laighe do'n ghréin 'S ann a gheibhte, 'n taigh d' athar-s' cinn is cnamhan an éisg 'S ann a gheibhte 'n taigh m'athar-s' cinn is casan an fhéidh |
Sadness, sadness, deep melancholy is mine there is much despair in me that my mouth cannot confess it About the fine youth, young rider of steeds Or the mother who bore me, I made her step heavy
|